Trì Rainn agus Amhran: Ro-ràdh


Trì Rainn agus Amhran
Àir.
Meadrachd
Bàird
Ciad Sreathan
Ainmean
Làmh-sgrìobhainnean
Àir.
Leabhraichean is Uilt
Clàr-dùthcha


Ro-ràdh

Más trí rainn do theastaigh uaibh,
A chuideachta is cruaidhe fá bhur ndigh,
Ag seo daoibhse fear a ráite
Agus amhrán leis féin ina rith.

Mas e trì rainn a tha sibh ag iarraidh, a chuideachd as cruaidhe mu ur deoch,
seo dhuibh an duine a chanas iad, agus amhran leis fhèin na ruith.

Is e tha san Trì Rainn agus Amhran (no TRAA mar a chanas sinn ris an dèidh seo) dàn sa bheil ceithir cuid: trì ceathramhan ann am meadrachd a tha air a stèidheachadh air na meadrachdan lideachail (syllabic) a chleachdadh na seann fhilidhean ron 18mh linn (na Trì Rainn) agus earrann (ceathramh mar as trice) a rèir na meadrachd cuideim (accentual) ùire a dh’fhàs ro 1600 agus a tha ga cleachdadh gu coitcheanta an-diugh (an t-Amhran). Bha dàin air a’ chruth àraidh sin gan sgrìobhadh on 17mh linn gus an 19mh linn sa Ghàidhlig ann an Èirinn, agus chruinnich sinn an seo na b’ urrainn dhuinn lorg dhiubh sna làmh-sgrìobhainnean. {1} Tha raon leathan de chuspairean sa cho-chruinneachadh, agus is follaiseach nach eil de cheangal eadar na dàin uile ach a’ mheadrachd agus àireamh nan sreathan. Is e an TRAA an aon ghnè bàrdachd sa Ghàidhlig a chuireas crìochan teanna ri fad dàin, a thaobh àireamh nan rann.

{1} Fhuair sinn dà eisimpleir de dhàin TRAA air an sgrìobhadh ach nach gabh leughadh, fear dhiubh ann an LS 96, duilleag [186] (Ó Riain 1968: 61), agus am fear eile ann an LS 125, foilio 1r, a chuirear às leth Philib Ministir Mac Brádaigh (de Brún agus Herbert 1986: 16).

Chan eil sinn cinnteach an ann ann an 1724 a chaidh Más trí rainn do theastaigh uaibh (àireamh 38, aig a bheil an rann ud shuas na thoiseach air) a sgrìobhadh san làmh-sgrìobhainn a bu sine sa bheil e a’ nochdadh, ach tha e soilleir on rann gun robh bàird agus luchd-foghlaim, tràth san 18mh linn, air gabhail ri cruth an TRAA mar ghnè bàrdachd. Sgrìobh Tadhg Ó Neachtain air an 21mh Lùnastal 1726 gun do chuir Pól Céitinn ‘chum Seáin Ua Baothain a-n-Áth Cliath dúan ionna raibhe trí rainn 7 abhrán’ (Ó Cléirigh 1939: 205). Is dòcha gu bheil fianais an sin cuideachd, ann an ainmeachadh àireamh nan rann, gun robh an Neachtanach a’ faicinn cruth an TRAA mar chruth socraichte de dhàn – ged a gheibhear an siud agus an seo sna làmh-sgrìobhainnean, agus sna dàin fhèin, ainmeachadh air àireamh nan rann far nach eil cruth àraidh idir ann (tha eisimpleir sna Notaichean an seo air àireamh 2 ann an duan a’ tòiseachadh ‘Na chúig rainn déagso do Dhia’). Chaidh co-chruinneachadh de na TRAA a dhèanamh mu thràth, nuair a sgrìobh Muiris Ó Gormáin 14 dhiubh ann an LS 30 ann an 1745; tha 17 aige ann an LS 54 (1775), agus tha cruinneachaidhean eile den t-seòrsa ann an LSS 60, 63 agus 69. Tha e follaiseach, ma-thà, gur ann mar chruth dàin socraichte a bhathas a’ coimhead air an TRAA san 18mh linn.

Tha dàn anns na Notaichean air àireamh 70 an seo far an ainmichear ‘trí rainn agus amhrán ceangail’ mar aonad de bhàrdachd: is mòr am beud nach gabh bliadhna chruinn a chur ris an dàn sin, ged as dòcha gur ann an dèidh 1760 a rinneadh e. Dh’fhaodte cuideachd gu bheil eisimpleir bheag àicheil ann an litreachas taobh a deas Uladh, mar leth-fhianais gun robh gnè an TRAA aithnichte ro 1700. Ann am meadhan na sgeulachd Mac na Míchomhairle, a chaidh a chur ri chèile ro 1700, tha dàn air a’ chruth ‘Trí Amhráin agus Rann’ (Watson 1979: 143). ’S e saoghal bun-os-cionn a tha san sgeul mhagaidh seo, agus chan eil fhios nach ann a dh’aon ghnothach a thagh an t-ùghdar an cruth a thagh e – Trì Amhrain agus Rann – mar chruth comaig air gnè eile a bha dol aig an àm, i.e. an TRAA.

Ach thig a’ chiad fhianais a tha deimhinn ann an LS 52, a chaidh a sgrìobhadh ann an 1773, far an deach ‘Trí Rainn agus Amhrán’ a sgrìobhadh mar thiotal air àireamh 35, Fáilte don Éan (agus faic cuideachd an tiotal a tha air àireamh 61 sna Notaichean).


Na Trì Rainn
A rèir cruth an TRAA, tha na ciad trì cheathramhan (na Rainn) stèidhichte air riaghailtean na filidheachd lideachail, gnè de bhàrdachd a mhair beò o thòisich a’ bhàrdachd a bhith ga sgrìobhadh gus an 17mh linn. Mu thimcheall 1200 AC rinn na sgoilearan teannachadh mòr air riaghailtean na bàrdachd seo agus chuir iad seòl ùr orra, an Dàn Dìreach, a mhair gus an tàinig crìonadh air Sgoiltean na Filidheachd an dèidh 1600: mun àm sin thàinig seòl ùr eile am fradharc, an amhranachd, nach eil lideachail ach stèidhichte air cuideam no buille, an ionad na filidheachd lideachail.

Bha an t-seann fhilidheachd, a bha na bu sgaoilte na an Dàn Dìreach, beò fhathast ged-thà (faic Éigse XII: 273–290; McManus 1994: 341–342), agus is iad na seann riaghailtean sin a bha bàird nan TRAA a’ leantainn, sa chuid a bu mhotha. Ach, gus eisimpleirean a thoirt seachad den bhàrdachd lideachail, is fheàrr earbsa a chur às an Dàn Dìreach theann, oir is ann an sin as ùghdarrasaile a chìthear na riaghailtean gan leantainn. Bha caochladh mheadrachdan den bhàrdachd lideachail seo ann (Murphy 1961: 74–83; Knott 1957: 13–20), ach is iad Deibhidhe agus Rannaigheacht Mhór an dà mheadrachd as coitcheanta mar bhunait do na Rainn san duanaire seo. De na Rainn uile a tha ann, chan eil ach an t-aonan (àireamh 15, rann 3) a tha a’ leantainn gu dlùth ri riaghailtean an Dàin Dìrich, le cunntas ceart de lidean anns gach sreath agus leis gach sgeadachadh còir air a’ chomhardadh (rhyme) – ach is e iasad a tha san rann sin à dàn (deibhidhe) a bhuin don t-seann fhilidheachd:

Mairg do thréigfeadh Teach Neimhe
Ar ár mbeatha bhréige-ne:
Cá haird nach baoghal abhus?
An saoghal is mairg mheallas.

Seo breitheanas O’Rahilly ann an 1913 (Gadelica I: 157) air staid na bàrdachd lideachail seo nuair a bha an TRAA a’ fàs:

….in the early 18th century. The counting of syllables is disregarded; the
end-rhyming is of the freest possible description; while such refinements
as uaim and amas are unknown. The degradation of the chief classic metre
[deibhidhe] could hardly have been carried further. That even a learned and well-read writer like Tadhg Ó Neachtain could write Deví in this fashion, shows how unintelligible the syllabic metrical system had already become two centuries ago.

Chan e bàrdachd lideachail, ma-thà, a tha sna Rainn seo ach bàrdachd a tha stèidhichte air an t-sean bhàrdachd lideachail. Ann an cuid de na dàin (e.g. àireamhan 2 agus 55) tha cunntas nan lidean reusanta cruinn, comhardadh meadhanach math agus uaim (alliteration) mhath cuideachd air uairean; ann an àireamh 11 tha an comhardadh math, agus ann an àireamhan 11 agus 21 tha an uaim reusanta math (faic Murphy 1961: 85–90). Ach a dh’aindeoin seo agus phuingean eile, chan eil mòran den t-seann sgeadachadh air fhàgail, ged as tric (e.g. àireamhan 16 agus 81) a bhios aicill sa chiad leth-rann de Rannaigheacht, rud nach tachair ann an Dàn Dìreach. Is e amas (assonance) as trice a bhios sna Rainn an seo an àite comhardaidh shlàin. Agus ann an cuid de na dàin as anmoiche a tha againn, saothair Airt Mhic Bionaid gu h-àraidh, tha na Rainn cho fada air falbh on Rannaigheacht air a bheil iad stèidhichte (nar beachd-ne) is nach robh e doirbh aig an Dr Blankenhorn (2003: 311–312) coimhead air na ‘Rainn’ seo (an àireamhan 7687, mar eisimpleir) mar cheathramhan de dh’Amhran.

Fo Meadrachd gheibhear liosta de na meadrachdan lideachail air a bheil na Rainn againn stèidhichte.


An t-Amhran
Is ann dhan luchd-foghlaim a bhuin a’ bhàrdachd lideachail, agus ron 16mh linn chan eil fhios againn dè an seòrsa ciùil no bàrdachd a chleachdadh am mòr-shluagh. Ach tha bàrdachd eile againn on 16mh linn agus na dhèidh nach eil lideachail, agus is cinnteach gun robh a’ bhàrdachd seo, an amhranachd, na b’ fhaisge air beatha an t-sluaigh na bha bàrdachd nan Sgoiltean. Is e Amhran an t-ainm a tha air dàn sa mheadrachd neo-lideachail seo, agus is dòcha gun robh ceòl leis on tùs nach robh a’ dol leis a’ bhàrdachd lideachail. San Amhran bidh an cudrom air riaghailteachd agus air cunntas nam buillean, chan ann air cunntas nan lidean mar a bha an Dàn Dìreach. Tha puingean eile, a bharrachd air na buillean, a bhuineas ris an Amhran a tha san TRAA agus ri amhran (no òran) sam bith eile. Tha ceithir sreathan anns gach Amhran ann an àireamhan 198 agus 103 den duanaire seo, agus ochd sreathan ann an àireamhan 99102. Rinn an Dr Blankenhorn sgrùdadh air meadrachdan eugsamhail na h-amhranachd ann an Èirinn na leabhar cudromach Irish Song-craft (Blankenhorn 2003), agus bha na rinn i de sgrùdadh mionaideach air na h-Amhrain a tha seo na chuideachadh mòr dhuinn. Gheibhear a thoradh sin fo Meadrachd.

Is coltach gur ann mu 1600 a thòisich ùghdaran na bàrdachd lideachail air aon cheathramh de dh’Amhran air a’ choltas sin a sgrìobhadh mar chrìch air dàn. Lean iad orra a’ leasachadh a’ ghnàthais sin fad barrachd air ceud bliadhna, agus a’ bhàrdachd lideachail a’ crìonadh, gus an robh e mu dheireadh na chleachdadh socraichte, mar as fhollaiseach o nota chaidh a sgrìobhadh ann an làmh-sgrìobhainn san 17mh linn (British Library, Harley 21: 1): ‘ní maith sagart gan chléireach nó dán gan amhrán’ (Flower 1926: 13). Dh’fhaodamaid ‘nRAA’ a thoirt mar bhun-chruth air dàn da leithid: ge b’ e cò mheud rann de bhàrdachd lideachail a bhiodh ann, bhiodh ceathramh (no barrachd air sin air uairean) de dh’Amhran mar chrìch air. Mar eisimpleir, tha dàn da leithid aig Muiris mac Dáibhí Dhuibh tràth san 17mh linn (Williams 1979: 33–38), agus ’s e eisimpleir eile a tha san dàn Beir mo beanocht go Dún Dalck, a rinneadh c.1607/08 (Seanchas Ard Mhacha V: 283). Feumar cuimhneachadh nach eil na làmh-sgrìobhainnean às am faigh sinn na dàin seo cho sean ris na dàin fhèin, agus mar sin gum bi teagamh ann a bheil an nRAA cho sean ri c.1600. Ach co-dhiù, chaidh Fuar liom an oidhche-se d’Aodh, le Eochaidh Ó hEoghasa, a tha na 19RAA, a sgrìobhadh ann an làmh-sgrìobhainn (RIA Catalogue: 18) ann an 1655. Feumar gabhail ris, ma-thà, gun robh nRAA ann mar chruth dàin ann an 1655, agus chan eil teagamh dha-rìribh ann nach robh iad a’ cur Amhrain ann an deireadh dhàn mar seo gu goirid an dèidh 1600, no roimhe sin.

Sin aon tobar, ma-thà, don TRAA: cruth de nRAA, coltach ri 2RAA agus 19RAA agus 84RAA. Ach fhuair an TRAA (3RAA) àite sònraichte sa bhàrdachd nach d’ fhuair an fheadhainn eile, agus feumaidh sinn an-dràsta fàth a lorg dha sin.


An t-Sonaid

‘[TRAA] to some extent supplies the lack of the sonnet form in Irish metrics’, thuirt Robin Flower (1926: 50), agus ged nach ann às an t-sonaid a-mhàin a dh’fhàs gnè an TRAA, is coltach gun robh buaidh choigreach air choreigin air dealbhadh nan dàn a tha seo.

Is e dàn sa bheil 14 de shreathan a tha san t-sonaid, gnè a dh’fhàs san Eadailtis san 13mh linn agus i air a stèidheachadh air cunntas nan sreathan, air riaghailtean comhardaidh aig crìoch nan sreathan agus air volta, no tionndadh, an dèidh an ochdamh sreatha a chuireas atharrachadh no ath-shealladh ri brìgh no faireachdainn an dàin. Sa mhòr-chuid de na sonaidean Eadailteach dhèanadh seòl a’ chomhardaidh dà cheathramh den chiad chuid (an ochdraidh) agus dà rann trì-shreathach den dara cuid (an t-seisridh), an dèidh a’ volta, agus ’s e toradh an sgoltaidh seo ‘that the sonnet closes at eight lines and again at [fourteen]’ (Spiller 1992: 11). Bha seòrsa de ‘dhùnadh’, ma-thà, air taobh a-staigh an dàin, agus chuimhnicheadh bàird na Gàidhlig air an dùnadh a gheibhte sa bhàrdachd lideachail – fiù is an dùnadh neo-iomlan a chìthear an sin aig amannan.

B’ e am mòr bhàrd Francesco Petrarca (1304–1374) an duine a bu chliùitiche ann an dealbhadh gnè na sonaid, ‘the single greatest inspiration for the love-poetry of Renaissance Europe well into the seventeenth century’ (Spiller 1992: 45), agus chaidh atharrais a dhèanamh air ann am mòran de rìoghachdan na Roinn Eòrpa, san 16mh linn gu h-àraidh; chìthear eisimpleirean matha san Fhraingis ann an Ó Doibhlin 1994: 36–44, 48–58. Thàinig an t-sonaid a-steach dhan Bheurla mu thimcheall 1530, sa mhòr-chuid tro bhàrdachd Sir Thomas Wyatt (c.1502–1542) agus Henry Howard, Iarla Surrey (1517–1547).

Is e an rud as sònraichte mu shonaid na Beurla nach deach gabhail ris an t-seòl comhardaidh a bha aig Petrarca agus na Frangaich, an ochdraidh agus an t-seisridh. Bhiodh sonaidean gan dèanamh air siùil eile o àm gu h-àm san Eadailt, agus is dòcha gur ann asta sin a thug Wyatt an nuadh chruth air an do rinn e dòrlach beag de shonaidean, trì cheathramhan agus leth-rann. Chuir Iarla Surrey an cruth comhardaidh seo gu feum na bu mhotha na chuir Wyatt, agus is dòcha gum b’ e a bhuaidh-san a dh’fhàg an cruth ùr seo, sonaid na Beurla, cho coitcheanta am measg a chomhaoisean agus am measg nam bàrd mòr an aimsir Ealasaid. Is dòcha gun robh buaidh cuideachd aig traidisean meadrachd na Beurla ann an dealbhadh na sonaid ùire seo. Ged a bha Wyatt agus Surrey ag iarraidh gnè ùr a thoirt a-steach on choigrich, rinn iad atharrachadh oirre a rèir cleachdadh meadrachd na Beurla: ‘Wyatt ... found it hard to think in line-groups of three ... which ... stresses the probability of his regarding at least this form of the sonnet sestet [seisridh] as a quatrain plus a couplet’ (Bullock 1923: 736).

A chionn is gur ann à litreachas na h-Eadailtis a dh’fhàs gnè na sonaid, chan eil e na iongantas gun do lean na ciad sonaidean sa Bheurla gu dlùth ri Petrarca a thaobh cuspair. B’ e an gaol an cuspair bha aig Petrarca, agus chuir e ri chèile c.1350 làmh-sgrìobhainn san robh sreath de shonaidean a bhuineadh ris a’ ghaol. Lean bàird na Beurla e, a’ sgrìobhadh shreathan de dhàin sam b’ e an gaol, agus gu h-àraidh an gaol eugmhaise, adhbhar agus fàth an sgrìobhaidh. Ach mar a chaidh cleachdadh na sonaid a leudachadh, is ann a thòisich bàird air cuspairean eile a chleachdadh, agus mu dheireadh dh’fhàs an t-sonaid a bhith na gnè bàrdachd a bhruidhneadh air cuspair sam bith, agus saoilear gun deach barrachd air dà cheud mìle de shonaidean a dhèanamh ann am mòr-chànanan na Roinn Eòrpa eadar 1530 agus 1650.

Ach bha aomadh am measg nam bàrd mu mheadhan na 17mh linn an aghaidh an t-seallaidh a bha aig Petrarca air an t-saoghal, agus an aghaidh na sonaid fhèin mar ghnè bàrdachd, agus thàinig crìonadh oirre mar chruth dàin sna mòr-chànanan seo. Agus thuirt Spiller (1992: 83), ‘[i]n Britain, these two dates delimit the age of the sonnet, ... [with] very few after 1650, until the sonnet revives in the nineteenth century.’

Is ann tric a thug sgoilearan fa-near an coltas a tha eadar an t-sonaid agus an TRAA: gu bheil crìoch theann ri fad an dàin, rud nach fhaightear an àite sam bith eile sa Ghàidhlig, agus gu bheil volta, a rèir na meadrachd co-dhiù, san TRAA eadar an tritheamh Rann agus an t-Amhran. Ged nach gabh cinnt a bhith againn mu ghineamhainn gnè litreachais sam bith, bhiodh e reusanta a bhith a’ beachdachadh gun d’ fhuair bàrd Gàidhlig air choreigin cothrom cleachdaidh ri foghlam na Beurla san 17mh linn, gun do chòrd an t-sonaid ris agus gun do rinn e TRAA gus am biodh dàn sa Ghàidhlig a bhiodh coltach ris an t-sonaid, agus crìoch theann ri fhad; agus gun do rinn bàird eile atharrais air seo. Ach bhiodh e doirbh dearbhadh sam bith a fhaighinn air smid de sin.

Chan urrainn a ràdh dha-rìribh ach gu bheil againn san TRAA dàn sa bheil crìoch theann ri fhad (16 sreathan) a thàinig gu bith san 17mh linn, is coltach, agus gun robh dàn san robh crìoch theann ri fhad (14 sreathan) ga dhèanamh sa Bheurla roimhe sin (agus na dhèidh). Mus tarraing sinn ceangal na bu dlùithe na sin eadar an dà sheòrsa bàrdachd feumaidh sinn freagairt fhaighinn air dòrnan beag de cheistean, e.g. carson nach eil TRAA againn nas tràithe na c.1675, nuair a bha sonaidean sa Bheurla air nochdadh o c.1530? Oir is cinnteach gun robh aos dàna na h-Èireann fiosrach air litreachas na Beurla ro dheireadh na 16mh linn: tha aon eisimpleir againn, san dàn A mhac-alla dheas le Cearbhall Ó Dálaigh (Ó Rathile 1926: 26), de dh’ath-innseadh a rinneadh air sonaid Beurla (faic Éigse XIX: 111–117), ath-innseadh sa bheil 12 rann. Ged as ann le leth-rann a chrìochnaich sonaid na Beurla, is math dh’fhaodte gun robh buaidh nan rainn ceithir-shreathaich air a stèidheachadh cho domhainn ann an eachdraidh meadrachd na Gàidhlig is nach b’ urrainn do na bàird grèim a’ cheathraimh a bhriseadh, fiù is an amhranachd ga leudachadh, agus gun do chruthaich iad an TRAA mar cho-rèite. A bharrachd air seo, dh’atharraich na Gaidheil an t-sonaid a thaobh chuspairean, mar a rinn bàird na Beurla agus na Mòr-roinne, nuair a leig iad a-steach cuspairean eile a bharrachd air a’ ghaol.

Ach ged a ghabhamaid ris an eachdraidh shìmplidh sin, tha ceistean doirbhe eile fhathast gun fhreagairt. Bha sonaid na Beurla na làn bhrìgh sìos gu c.1650, nuair a thòisich an crìonadh, agus cho fada agus is fiosrach sinne cha deach atharrais idir a dhèanamh oirre sa Ghàidhlig (ach an leth-atharrais ud aig Cearbhall Ó Dálaigh) eadar 1550 agus 1650. Agus nuair a thàinig lagachadh air sonaid na Beurla, eadar 1650 agus 1750, is ann an uair sin a chaidh an TRAA a chleachdadh gu meadhanach farsaing sa Ghàidhlig. Dh’fhaodte a’choire chur air Èirinn fhèin, agus i dualtach ri bhith an aghaidh atharrachaidh, air dhi bhith air a tuineachadh o thaobh a-muigh, agus buaidh na Galldachd ga sgapadh gu slaodach innte, ach feumar cuimhneachadh cuideachd gum b’ e an 17mh linn an t-àm a bu bhuaireasaiche an eachdraidh na Gàidhlig, a thaobh buaidh nan Gall. Ann an linn da leithid, le crìonadh a’ tighinn thar chultar na dùthcha agus Èirinn ga claoidh agus ga cràdh le màrsail agus ath-mhàrsail armailtean, dh’fhaodte nach iongantach idir gun do ghabh na bàird Ghaidhealach ri seòrsa ùr de bhàrdachd, stèidhichte air sean chruth a bha aig bàird na Beurla.

Ach chan eil cinnt idir ann. Dh’fhaodadh e bhith gur ann fada ro 1675, nuair a rinneadh a’ chiad TRAA againne, no fiù is fada ro 1600, a chaidh a’ chiad TRAA a sgrìobhadh, air stèidh na sonaid (mu dheidhinn a’ mholaidh seo faic Blankenhorn 2003: 308). Agus dh’fhaodte a-rithist nach ann air an t-sonaid idir a chaidh an TRAA a stèidheachadh, ach air cruth eile bàrdachd a tha nas coltaiche ri dòighean an TRAA. Tha cunntas aig Blankenhorn (2003: 302–304) air ballade na Fraingise agus na Beurla, far a bheil trì rainn de dh’aon seòrsa agus, mar chrìoch, aon rann de sheòrsa eile, ris an canar envoy: ach is ann don 14mh agus 15mh linn a bhuin am ballade, fada ro thràth (ar leinne) mar thobar do ghnè nach eil againn, le cinnt, ro c.1675.

Is fheàrr leinne gabhail ris, ach a-rithist gun chinnt idir, gun do dh’fhàs an TRAA an dà chuid à sonaid na Beurla agus à nRAA na Gàidhlig.



Cuspairean

Tha eugsamhlachd chuspairean nan TRAA soilleir san duanaire seo, ged nach ann a rèir chuspairean a leag sinn a-mach iad, ach air stèidh eachdraidheil a rèir òrdugh sgrìobhadh nan làmh-sgrìobhainnean, agus foidhe sin a rèir cruinn-eòlais, ’s e sin an Còigeadh (province) san do rinneadh iad. Nuair a dh’fhoillsich sinn an duanaire a’ chiad uair (Ó Baoill agus Ó Dochartaigh 1996), is ann às eugmhais nan Notaichean agus na h-eachdraidh a bha siud, agus cha tàinig a-mach an clò ach uachdar a’ ghnothaich, air an tug sinn am fo-thiotal Cnuasach Filíochta (CF). Feumaidh sinn an-dràsta ar dìcheall a dhèanamh air eachdraidh na b’ earbsaiche a sgrìobhadh mun bhàrdachd seo agus mu na tha air a cùlaibh.

Tha an Gaol cudromach, mar a bha anns na sonaidean, ach chan e an cuspair as coitcheanta. Tha ‘Dánta Grádha’ an seo a tha leughaidhean orra ann an Ó Rathile 1926, leabhar de dhàin a bhuineas ri rè 400 bliadhna an eachdraidh litreachas na Gàidhlig, cuid dhiubh am measg nan TRAA as sine a tha san duanaire seo (e.g. àireamhan 1, 5, 91). Tha barrachd de dhàin Molaidh an dèidh 1700, agus chìthear trì sheòrsachan: moladh nan uasal, moladh na clèire agus moladh an luchd-foghlaim. Tha grunnan tomadach ris a’ Chreideamh, ach tha aon dàn deug dhiubh sin (àireamhan 2434) nan aon sreath dhàn. Tha an Aoir cudromach, ach chìthear gur e Art Mac Bionaid (1793–1879), bàrd mu dheireadh an TRAA, a sgrìobh an leth-chuid (àireamhan 76, 78, 80, 81, 83, 84, 86, 87): is fhollaiseach gur e duine coirbte a bha annsan air uairean, duine càinteach crosta a bu chaomh leis a bhoile a sgaoileadh tro aoirean. B’ esan am bàrd dùthchasach mu dheireadh a chleachd cruth an TRAA, agus gu dearbh tha grunnan dhàn aige air a bheil an tiotal ‘Trí rainn agus amhrán’ sna làmh-sgrìobhainnean ach nach eil annta ach ceithir rainn de dh’amhranachd – rud a dhearbhas cho cudromach is a bha a’ ghnè an uair sin, aig crìoch rè an TRAA an taobh an ear-dheas Uladh.

Is e rud iongantach a tha ann, gu ìre, agus an uiread de Mholadh a tha ann, nach eil ach an dà Chaoineadh san duanaire (àireamhan 7 agus 21). Tha dàin ann nach b’ urrainn dhuinn an cur fo chuspair dearbhte sam bith: dà dhàn a tha sgeulachdan air an cùlaibh (àireamhan 65 agus 70); dà sheòrsa de thòimhseachan (àireamhan 67 agus 74); dàn air a stèidheachadh air caochladh chiallan facail (àireamh 49) agus ceithir dhàin (àireamhan 15, 53, 59 agus 100) air an toir sinn ‘measgachadh’, abairtean agus rannan gun cheangal cèille idir eatarra (faic Harrison 1979: 33). Tha àireamhan 99102 nan earrann air leth a thaobh na meadrachd, ochd sreathan aca san Amhran (an ionad cheathramhan sna dàin eile).

Is e àireamh 103 an aon dàn den ghnè le bàrd dùthchasach ann an Gàidhlig na h-Albann, ged a bha ùidh mhòr aig a’ mhòr-bhàrd Deòrsa mac Iain Dheòrsa (1915–1984) san TRAA – cuid den t-suim a bha aige san t-seann litreachas – oir bha e gu math eòlach air eachdraidh litreachas na Roinn Eòrpa. Dh’fhoillsich e trì dàin TRAA an dèidh 1939 (Byrne 2000, àireamhan 55, 87 agus 322) agus rinn e cuideachd dàn san Fhraingis air cruth an TRAA, fon tiotal ‘trois vers et envoi’ (ibid., àireamh 91).

A thuilleadh orra seo, chaidh corra eisimpleir eile de TRAA a sgrìobhadh san 20mh linn mar atharrais air an t-seann shaoghal, agus dh’fhaodte a chionn cianalais mu na seann làithean, ach do chuir sinn san duanaire seo iad.


Eachdraidh nan TRAA sna Làmh-sgrìobhainnean

Faodaidh sinn gabhail ris gur ann mar TRAA a chaidh a’ chuid a bu mhotha de na dàin an seo a sgrìobhadh an toiseach. Air uairean tha an t-Amhran air a cheangal ris na Trì Rainn leis an aon fhacal, no faclan, aig toiseach no aig deireadh an Amhrain agus aig toiseach no aig deireadh nan Rann, no aig amannan ann an sreath eile san tritheamh Rann (e.g. àireamhan 5, 47, 91). Ach feumar cuimhneachadh gum bi buaidh chudromach aig sgrìobhaichean nan làmh-sgrìobhainnean air coltas nan dàn mar a tha iad againn, air cunntas nan rann agus air taghadh nam faclan. Is ann fìor ainneamh a dh’fhaodar a bhith cinnteach gu bheil dàn againn dìreach mar a sgrìobh am bàrd an toiseach e; thathar a’ tuigsinn an-diugh gu bheil e gnàthaichte aig a’ bhàrd a bhith a’ cur ris an dàn aige, no ga ghearradh, agus e ag obair air feadh ùine fada.

Nuair a bha dà theags (no barrachd) de dhàn againn, stèidhich sinn teags an duanaire seo, mar a bu trice, air an leughadh san làmh-sgrìobhainn a bu shine, ach an àiteachan far an robh cinnt gun robh teags an làimh a’ bhàird fhèin againn (leithid Sheán Ó Neachtain, Phádraig Ó Pronntaigh, Mhuiris Ó Gormáin agus Art Mac Bionaid) ghabh sinn ris an leughadh a b’ anmoiche – a’ fàgail aig a’ bhàrd leasachadh a dhèanamh air a shaothair fhèin.

Ach sa chuid as motha tha sinn an urra ris na sgrìobhaichean airson nan teagsaichean. Tha sinn den bheachd gun do dh’fhàs a’ ghnè seo cho torach an Còigeadh Uladh, gu h-àraidh ann an dara leth na 18mh linn, is gun robh buaidh shònraichte aice air na sgrìobhaichean, aig an robh dùil mhòr san litreachas agus iad air am bogadh gu h-àraidh ann an eachdraidh agus an litreachas an dùthchannan fhèin. Bha cuid de na sgrìobhaichean nam bàird, cuid eile ag ionnsachadh na ceàirde, agus bhiodh iad aig amannan airson TRAA a chur ri chèile à trì rainn de sheann dàn lideachail agus Amhran còmhla riutha (e.g. àireamhan 11, 15 agus 89). Mar as math a tha fios, is e ‘gun urra’ ainm an ùghdair sa chuid as motha de litreachas na Gàidhlig, agus cha mhotha a chuir sinn coire air sgrìobhaiche a chuir ainm fhèin ri Amhran mar seo, ged a dh’fhàgas sin srian eile òirnne ann an deasachadh nan dàn.

Tha 19 de dhàin an seo nach ann mar TRAA a chaidh an sgrìobhadh an toiseach, no a b’ urrainnear a bhith an amharas an ann mar TRAA a chaidh an sgrìobhadh:

75:
rinneadh seo na 4RAA agus chaidh Rann a thoirt às.
11, 89:
Trì Rainn stèidhichte air seann Dàn Dìreach, agus Amhran nach buin o thùs no o cheart dhaibh. (Sin mar a tha àireamh 89, is cinnteach, ged nach eil sinn cho cinnteach mu àireamh 11.)
50, 97:
chan eil ach na Trì Rainn sna leughaidhean as tràithe, na dàin coileanta annta fhèin gun Amhran, agus dùnadh air na Rainn (i.e. an aon fhacal, no cuid dheth, mar dheireadh air an dàn agus mar thoiseach air, faic Murphy 1961: 43). Sin mar a tha àireamh 91, gu ìre, far a bheil am facal croí a’ ceangal an Amhrain ris na Rainn.
94:
tha na Rainn coileanta mar dhàn, agus dùnadh air, gun an t-Amhran.
90:
rinneadh seo an toiseach mar 2RAA agus chaidh Rann a bharrachd a chur ris.
71:
bu leòr na Trì Rainn mar dhàn gun an t-Amhran, agus gheibhear an t-Amhran na aonar air uairean sna làmh-sgrìobhainnean.
95:
is coltach nach buin an t-Amhran o thùs do na Rainn.
4, 12, 14:
tha mòr-chuid nan teagsaichean dheth seo nas fhaide na TRAA sna làmh-sgrìobhainnean, gun chruth an TRAA ach air a’ bheag-chuid.
3:
chan eil fhios an e TRAA idir a bha am bàrd a’ sgrìobhadh, nach ann gun smaointinn a thachair cruth an TRAA san làmh-sgrìobhainn. Bha aon eisimpleir eile ann, ceithir cheathramhan air an robh coltas TRAA ris nach do ghabh sinn (LS 146, d. 467a): thuig sinn nach robh na ceathramhan an eisimeil a chèile idir, nach ann mar aon dàn iomlan a chaidh a sgrìobhadh.
52:
a thaobh coileantachd brìghe, chan eil na Trì Rainn agus an t-Amhran an eisimeil a chèile; gheibhear às eugmhais a chèile iad ann an cuid de na làmh-sgrìobhainnean.
2:
dh’fhaodte nach biodh TRAA againn an seo ach gun deach a ghearradh às an aon làmh-sgrìobhainn a tha ann, duilleag air an robh a’ chiad chuid de dhàn fada. Ach air an làimh eile tha coltas glè mhath air seo mar dhàn coileanta – agus tha eisimpleirean eile den TRAA san aon làmh-sgrìobhainn.
15, 53, 59:
‘measgachaidhean’. Chan eil ceangal sam bith eadar na ceathramhan, agus chan eil dha-rìribh ach an aon teags de dhàn sam bith dhiubh sna tobraichean.
100:
rinn sgrìobhaiche TRAA nuair a rinn e lethbhreac à làmh-
sgrìobhainn(ean) eile far nach robh ceangal cèille eadar a dhà sam bith de na ceithir chodachan, na Trì Rainn agus an t-Amhran.

Mar as fhollaiseach, ma-thà, aig amannan cha bhi an t-Amhran a’ buntainn do na Trì Rainn idir. Agus ann am mòr-chuid nan dàn cha bhi sgoltadh sònraichte cèille no faireachdainn
volta an dèidh nan Trì Rann; ach tha dàin ann (e.g. àireamhan 66, 74) far a bheil dà shealladh eadar-dhealaichte air an aon chuspair ri fhaicinn san dà chuid, na Trì Rainn agus an t-Amhran. Air uairean eile (e.g. àireamhan 6, 22) bidh an aon smaointinn a’ leantainn air adhart bho na Rainn dhan Amhran, agus thig am volta an uair sin meadhanach obann san leth-rann mu dheireadh no san t-sreath mu dheireadh. Ann an àireamhan 54 agus 62 is e geàrr-chunntas a tha san Amhran air na chaidh a ràdh sna Trì Rainn. Ach tha e an crochadh a-ghnàth air tuigsinn an leughadair, an robh am bàrd a’ dèanamh geàrr-chunntas no a bheil volta ri lorg san dàn.

Tha dàin far nach eil ceangal cèille idir, cho fada agus is fiosrach sinne, eadar na Rainn agus an t-Amhran – agus sin a bharrachd air na thuirt sinn shuas mu dhàin nach ann mar TRAA a chaidh an cumadh. Tha sinn a’ gabhail ris gur ann mar TRAA a rinneadh àireamhan 10, 14, 32, 87 agus 102 an toiseach, ach feumar aontachadh gur ann an inntinn a’ bhàird a-mhàin a tha an ceangal eadar na Rainn agus an t-Amhran.


Mumhain

Is iad na TRAA as tràithe a tha againn an t-ochd dhiubh a chaidh a sgrìobhadh ro 1700, agus tha sinn an ìre mhath cinnteach gur ann ann an Còigeadh Mumhan a chaidh seachd dhiubh sin a sgrìobhadh – àireamhan 17. Rinneadh àireamh 7 ann an 1694, agus tha na sia eile (ris nach urrainn dhuinn bliadhna chruinn a chur) ann an làmh-sgrìobhainnean a chaidh a sgrìobhadh ann an 1688 no roimhe. Gheibhear àireamh 6 a-rithist ann an làmh-sgrìobhainnean nas anmoiche na sin, ach de na sia eile (àireamhan 15, 7) chan eil ach an aon leughadh againn. Chan fhaca sinn TRAA Muimhneach eile, mur ann às a’ Mhumhain a thàinig àireamh 67 agus mura cuir sinn àireamh 103 air an liosta (fear a chaidh a sgrìobhadh ann an 1818 ann an Gàidhlig na h-Albann ann an Co. Chorcaighe). Chan eil fianais againn gun deach TRAA a dhèanamh sa Mhumhain an dèidh 1700, ach aon abairt ghoirid a chìthear sna Notaichean air àireamh 23. Is ann à Còigeadh Mumhan, ma-thà, a thàinig na ciad ochd eisimpleirean de TRAA a tha againn, ach aonan (àireamh 91). Is ann eadar 1675 agus 1695, is dòcha, a chaidh an sgrìobhadh an toiseach, agus chan eil TRAA idir againn (ach àireamh 103) a rinneadh gun teagamh sa Mhumhain an dèidh 1700. Air an fhianais sin faodaidh sinn a ràdh gun robh an TRAA ann mar ghnè dàin shocraichte o c.1675 no roimhe, gur ann sa Mhumhain a ghineadh e agus gun deach e às an fhasan an sin ro 1700.


Baile Àtha Cliath

Is ann ann am Baile Àtha Cliath ann an 1688 a chaidh tè dhe na làmh-sgrìobhainnean Muimhneach sa bheil TRAA (LS 5) a sgrìobhadh. Ged as e sloinneadh Muimhneach a tha air an sgrìobhaiche (Uilliam Ua Duinnín), a chionn is gur ann ann am Baile Àtha Cliath a bha e ag obair is cinnteach gun robh e na bhall de luchd-foghlaim na cathrach, daoine dhan robh a’ chathair na lòchran solais fhathast, oir bha airgead ri chosnadh ann an saoghal na Gàidhlig an sin. Bha an Duinníneach ag ullachadh LS 5 do Thoirdhealbhach Ó Domhnaill, agus bha làmh aige cuideachd ann an ath-sgrìobhadh Seann Tiomna Bhedell timcheall air 1682 (làmh-sgrìobhainn 26 [23 D 38] san RIA, d. 375). Is e baile àrd-fhoghlaimte a bha sa chathair aig toiseach na 18mh linn, agus cha bhiodh e doirbh a thuigsinn ciamar a gheibheadh bàrd agus sgrìobhaiche an sin eòlas air litreachas na Beurla, a bharrachd air tuilleadh cleachdaidh ri litreachas na Gàidhlig.

Am measg nan daoine a bu chliùitiche ann an luchd-foghlaim na cathrach bha Seán Ó Neachtain (c.1640–1729), a sgrìobh àireamhan 16, 19, 20, 21 agus (is dòcha) 17 agus 18. Ged a b’ ann à Ros Comain a bha e, is ann ann am Baile Àtha Cliath a bha e a’ fuireach, agus is e a bha na ‘cheann comhairle’ (saoi, comhairliche, ceannard) air còmhlan de sgoilearan Gàidhlig a bha na chuideachd sa phrìomh bhaile (Ó Buachalla 1996: 268–269). Bha mòran chàirdean aige fhèin am measg sgoilearan na cathrach agus na tìre mun cuairt, agus sgrìobh dithis dhiubh sin àireamhan 22 agus 23 an seo. An e gun do dhealbh an Neachtanach gnè an TRAA às ùr mar thoradh air a choluadar ri luchd-Beurla ann am Baile Àtha Cliath (bha Beurla mhath aige, agus sgrìobh e dàn Beurla nach robh na shonaid, ibid.: 270)? Cha chreid sinn e. Choinnich Ó Neachtain gun teagamh ri TRAA na Mumhan, oir is ann ann an làmh-sgrìobhainn a sgrìobh a mhac, Tadhg, eadar 1725 agus 1729, a gheibh sinn a’ chiad iomradh foirmeil air gnè an TRAA, mar a chunnaic sinn shuas. Dh’fhaodte gun robh Seán a’ fuireach ann am Baile Àtha Cliath ann an 1688 nuair a chaidh LS 5 a sgrìobhadh (Risk 1975: 52, 55) agus àireamhan 5 agus 6 nan cuid dhith. Ann an 1726 sgrìobh caraid aige sa chathair dàn mar fhreagairt air TRAA (sin a chanas an làmh-sgrìobhainn: chan eil lethbhreac den TRAA fhèin againn) a chaidh a chur thuige à Port Làirge, a tha ann an Còigeadh Mumhan (Ó Cléirigh 1939: 205; faic na Notaichean an seo air àireamh 23). Is e duine sàr fhoghlaimte ann an litreachas na Gàidhlig a bha ann an Seán Ó Neachtain, agus rinn e aon eisimpleir de dhàn a tha fìor annasach a thaobh cruth, a chionn a’ mheasgachaidh iongantaich a rinn e de mheadrachdan, eadar bàrdachd uamach (alliterative), bàrdachd lideachail agus bàrdachd cuideim (Ó Buachalla 1996: 270). Is coltach gun robh e a’ ruith ‘cùirt bàrdachd’ am measg a chàirdean agus gun robh e toilichte gnàthasan ùra bàrdachd a mheas agus a chleachdadh: feumar a aithneachadh, co-dhiù, mar thùsaire ann an sgaoileadh nan TRAA feadh na dùthcha, agus am meudachadh cudrom na gnè.

Ach a chionn is nach urrainn dhuinn a bhith cinnteach às a’ cheist, an do rinn Ó Neachtain TRAA às ùr (air stèidh na sonaid no air stèidh eile) no an robh e a’ dèanamh atharrais air cruth à Còigeadh Mumhan, is fheàirrde sinn turas chun an iar gus an TRAA a shireadh ann an dùthaich nan Neachtanach.


Connachd

Nan dèanadh duine mapa de na h-àiteachan san deach TRAA a dhèanamh, no na h-àiteachan a tha air an ainmeachadh annta an dèidh 1700, is e ceàrnag mhòr sgaoilte a bhiodh ann: loidhne o Bhaile Àtha Cliath a’ dol an iar do dh’Àth Luain; loidhne às an sin gu Beul Àth an Fheadha an Co. Mhaigh Eò agus às an sin gu Eas Ruaidh ann am bun Èirne; loidhne às an iar do dh’Iubhar Chinn Tràgha, a dh’fhàgadh Fear Manach agus taobh a deas Cho. Mhuineachain agus Cho. Ard Mhacha a-staigh sa ‘cheàrnaig’, sam biodh cuideachd siorrachdan Ros Comain, Sligeach, Liatraim, a’ Chabhain, Lùbhaidh, Co. na Midhe, an Iar-mhidhe agus Longfort. Tha bloigh mhòr de Phàil na Beurla air a’ mhapa sin, ach is e dùthaich mhòr chudromach ann an litreachas na Gàidhlig a bha sa ‘cheàrnaig’ sin aig an àm (Flower 1926: 49; Studia Hibernica I: 137). Cha bhiodh Còigeadh Mumhan air a’ mhapa idir ach, mar a chunnaic sinn, bu bheag cudrom a’ chòigidh sin ris an TRAA an dèidh 1700. Agus tha dàin eile fhathast againn (e.g. àireamhan 88, 90, 92, 93) a bhuineas do dh’àiteachan fad air falbh às a’ ‘cheàrnaig’.

Is ann ann an Co. Ros Comain, a tha am broinn na ‘ceàrnaig’, a rugadh Seán Ó Neachtain mu 1640, agus is math dh’fhaodte gur ann ann an Gaillimh a dh’ionnsaich e a chuid Beurla (Risk 1975: 53). Tha e soilleir gun robh e sàr fhoghlaimte sa Ghàidhlig, ged nach bu mhòr idir cliù nan Neachtanach san fhoghlam roimhe. Ach nuair a bha esan a’ dèanamh TRAA ann am Baile Àtha Cliath an dèidh 1700, bha dàin air an aon chruth gan dèanamh (àireamhan 9, 99 agus is dòcha 13) do dhaoine a bhuineadh do Chlann Ui Rodaighe, fine ann an Co. Liatrama aig an robh seann cheangal ris an fhoghlam agus ris an eaglais. Tha ceangal, ged a tha e caol, eadar Chlann Ui Rodaighe agus Baile Àtha Cliath: sin Maurice Newby, sgrìobhaiche a bhiodh ag obair a-ghnàth sa phrìomh bhaile, a sgrìobh LS 12 ann an 1714–1715, làmh-sgrìobhainn a dh’fhaodte Duanaire Chlann Ui Rodaighe a thoirt oirre.

Bha Connachd fhathast cudromach a thaobh an TRAA suas ri c.1775, nuair a chaidh LS 55, sa bheil trì eisimpleirean den TRAA, a sgrìobhadh le Brian Ó Fearghail, bàrd o fhine fhoghlaimte eile. Is dòcha gum b’ e Brian fhèin a chuir àireamhan 14 agus 15 ri chèile, à rannan a thog e à làmh-sgrìobhainnean eile, agus ar leinne gur e comharra a tha seo gun robh buaidh na gnè a’ crìonadh a-nise am measg aos dàna Chonnachd, ged a bha lethbhreacan de dhàin TRAA gan sgrìobhadh ann an làmh-sgrìobhainnean ann an Co. Liatrama fhathast ann an 1842 (LS 133). Chan urrainnear a bhith cinnteach cuine gu dìreach a bhàsaich cumadh nan TRAA an àite sam bith, ach is coltach gun robh dol sìos air cudrom na gnè am measg bàird Chonnachd an dèidh c.1775.


Taobh a deas Uladh

Bha deireadh ri rè an TRAA sa Mhumhain ro 1700, goirid gu leòr an dèidh a bhreithe; bha deireadh ris ann am Baile Àtha Cliath c.1730, goirid an dèidh bàs Sheán Ó Neachtain; thàinig crìonadh air ann an Connachd an dèidh c.1775, agus is math dh’fhaodte gun robh e fàs lag ann an Còigeadh Uladh cuideachd ro dheireadh na 18mh linn, mar a chì sinn. Ach is ann ann am Fear Manach, an Còigeadh Uladh, a chaidh àireamh 91 a sgrìobhadh ro 1690 ann an LS 6, agus is math dh’fhaodte gum buin àireamh 91 don aon traidisean litreachais a thug dhuinn na h-eisimpleirean à Liatraim is Ros Comain is Baile Àtha Cliath an dèidh 1700. Ach tha an uimhir de bheàrnan ann an eachdraidh nan làmh-sgrìobhainnean, agus nam buaidh air a chèile, nach gabh an-dràsta na ceanglaichean eachdraidheil aithneachadh idir.

Mar as trice, canar ‘Taobh a deas Uladh’, chan ann a-mhàin ri taobh a deas a’ chòigidh a rèir a’ chruinn-eòlais, ach ri Co. Lùbhaidh agus taobh tuath na Midhe cuideachd. Faodar gabhail ris an fhearann sin (nach eil a chrìoch mu dheas fada o Bhaile Àtha Cliath) mar aonad an eachdraidh gnè an TRAA, ged nach eil ann dha-rìribh ach cuid den ‘cheàrnaig’ ud shuas againn (faic Watson 1979: 13).

Sgrìobh Peadar Ó Gealacáin an dèidh 1840 gun do rinn Séamas Dall Mac Cuarta (Lùbhach no Midheach) àireamh 35 ann an 1707: is dòcha nach fheumar mòran de chuideam a chur ris a’ bhliadhna dhearbhte sin, ach chaidh an dàn sin a sgrìobhadh ann an LS 11 ann an 1716. B’ e Risteárd Tuibéar a sgrìobh LS 11, agus an dàn sin innte, agus bha aithne aig Risteárd air Seán Ó Neachtain (Risk 1975: 58) agus air an Dall Mac Cuarta (faic Notaichean, àireamh 36). Dh’fhaodadh e bhith, ma-thà, gun cuala an Dall mun TRAA o Bhaile Àtha Cliath agus o chàirdean an Neachtanaich agus, a chionn is gum b’ e an Dall am bàrd a bu chliùitiche ann an Oirghialla (taobh a deas Co. Mhuineachain agus Co. Ard Mhacha, agus Co. Lùbhaidh), gun do sgaoil an TRAA uaithe feadh litreachas taobh a deas Uladh.

Tha 16 (no b’ fhasa 14 a chreidsinn) de TRAA againn on Dall Mac Cuarta, aon fhear deug dhiubh (àireamhan 2434) nan aon sreath ris an canar, air uairean, Na Féilte Muire. Sin an aon sreath dhàn a tha san duanaire seo. Is e ar beachd-ne gu bheil ceangal teann aig Séamas Dall Mac Cuarta ri suidheachadh gnè an TRAA ann an Oirghialla, agus gum b’ e an sreath dhàn seo a chiad chùis sin. Tha dàn fada inntinneach eile aige air a bheil An Dàn Breac, agus tha sgeulachd aig Ó Muirgheasa (1936: 201) a fhuair e bho fhear de na seanchaidhean aige mu chumadh an dàin:

Dubhairt sagart éi’nteacht leis [a' bhàrd] i ndeireadh a laethe gur phronn Dia buaidh na filidheachta air, agus gur dona an fhéidhm a bhain sé as, mar nach ndeárn sé dán maith diadha ariamh. Thug an Dall isteach don tsagart … agus thosuigh sé agus chum an dán seo.

Is e dàn iomadh-fhillte na mheadrachd a tha san Dàn Breac, le ceathramh de Rann lideachail agus ceathramh de dh’Amhran mu seach, agus am bàrd ag innse gu cuimir sgeul fuasglaidh a’ chinne-daonna o Àdhamh sa ghàrradh gu ceusadh Ìosa air a’ chroich. Tha e follaiseach, co-dhiù, gun robh an Dall glè chomasach air an dà ghnè mheadrachd. Mas ann air iarrtas sagairt a rinn e An Dàn Breac, bhiodh e furasta an dàn fhaicinn mar chuid de sheirbheis an Aifrinn, far an leughadh an sagart Rann agus a sheinneadh an coitheanal Amhran mar fhreagairt air. Mu dheidhinn an t-sreatha, Na Féilte Muire, far a bheil gach dàn air leth na TRAA, a’ dèiligeadh ri fèilltean eugsamhla Moire, faodar ceangal fhaicinn ris an ‘Act to prevent the further growth of Popery, passed in 1704, [which] declared that the invocation or adoration of the Virgin Mary, as used in the Church of Rome, was idolatrous’ (O’Dwyer 1988: 233), achd dhan tug Caitligich na h-Èireann neo-shuim agus a shabaid na sagartan na h-aghaidh. Tha O’Dwyer (ibid.: 294) ag innse mu lagh eile den t-seòrsa: ‘the Act of 1697 ... imposed severe restrictions on the parochial clergy who were allowed to remain’, agus dh’fhaodamaid coimhead air an t-sreath seo mar chuid den Ais-leasachadh (Counter-reformation) am measg nan Gaidheal an Èirinn. Tha 23 de làmh-sgrìobhainnean againn sa bheil lethbhreacan (cuid dhiubh le beàrnan annta) de Na Féilte Muire, agus tha e soilleir gun robhas a’ coimhead air an t-sreath seo mar chuid chudromach de shaoghal cràbhach an t-sluaigh an taobh a deas Uladh – buaidh on chreideamh Chaitligeach a mhair beò car fada, oir chaidh lethbhreac de Na Féilte Muire a sgrìobhadh ann an Co. Lùbhaidh cho anmoch ri 1843 (LS 134).

Tha aon dàn againn (àireamh 42) o Phádraig Mac a Liondain agus dhà dhiubh (44, 60) o Pheadar Ó Doirnín: chuir aon làmh-sgrìobhainn àireamh 62 às leth Ó Doirnín cuideachd, agus is àbhaist gun cuirear àireamh 101 às a leth. Dh’fhaodamaid coimhead air àireamhan 4244 mar ghnè eile de shreath dhàn, agus Mac a Liondain, an Dall agus Ó Doirnín a’ moladh agus a’ càineadh a chèile ann.

Is ann à Co. a’ Chabhain, Bréifne Ui Raghallaigh, a thàinig àireamhan 64 agus 70, co-dhiù, ged nach ann ro 1750, is dòcha, a rinneadh iad, ùine mhath an dèidh an TRAA mu dheireadh a rinneadh ann am Bréifne Ui Ruairc (Co. Liatrama).

Sgrìobh Brian Ó Cathaláin, sagart ann an Co. Mhuineachain, LS 53, rinn e àireamh 63 san duanaire seo, agus tha ceangal aige ri àireamh 77. Chan eil fianais idir ann gur ann ro 1825 a rinneadh àireamh 77. Is math dh’fhaodte gum bu chòir dhuinn Muiris Ó Gormáin a chur ann am meadhan na ‘ceàrnaig’, oir chuidich e gu mòr ri sgaoileadh na gnè feadh Oirghiall. Is e sgrìobhaiche a bha ann, a rugadh an dèidh 1700 ann an Co. Mhuineachain (Clogher Record II: 21), a thòisich air làmh-sgrìobhainnean a sgrìobhadh ann an 1734 no roimhe; a sgrìobh 10 no 11 de làmh-sgrìobhainnean sa bheil eisimpleirean de TRAA, agus cruinneachaidhean de TRAA ann an ceithir dhiubh sin (30, 45, 54, 63); a rinn àireamhan 49 agus 64, nar beachd-ne, agus a chaochail mu thimcheall 1794 ann am Baile Àtha Cliath (O’Grady 1926: 598).

Cho fada agus is fiosrach sinne, cha do rinn Art Mac Cumhaigh (c.1738–1773) TRAA a-riamh, ged a rinn e TAAA (trì amhrain agus amhran; faic Ó Fiaich 1973: 99–100; Blankenhorn 2003: 311). Ged a bha an TRAA beò fhathast na dhùthaich-sa, Co. Ard Mhacha, gu meadhan na 19mh linn, mar a chì sinn, b’ e beachd Flower (1926: xxviii, 50) gun do bhàsaich e dha-rìribh ro 1800: dh’fhaodte nach robh an cruth cho pailt ri lorg an dèidh c.1775, ach cha ghabh cinnt a bhith ann gun fhios a bhith againn cuin a chaidh na dàin air leth a dhèanamh.

Ann an Cill Chua an taobh an ear Cho. an Dùin, eadar 1778 agus 1795, sgrìobh an sagart Pádraig Ó Brinn (c.1743–c.1817) LS 64, sa bheil an teags as tràithe de dh’àireamh 65.

Chaidh àireamh 91 a dhèanamh, mar a chunnaic sinn, ann am Fear Manach ro 1690, agus thuig daoine uair gur ann do dh’Fhear Manach a bhuineadh Pádraig Ó Pronntaigh, a bha na sgrìobhaiche dèanadach o 1732 gu 1772. B’ esan ùghdar àireamhan 56 agus 57 agus sgrìobhaiche LSS 40 agus 49, agus bha gu fìrinneach ceangal eadar e agus Fear Manach, ach is coltach gur ann ann am Baile Mhic Scanláin, Co. Lùbhaidh, a bha e fuireach timcheall air 1738 (Flower 1926: 118). Timcheall air 1800, is dòcha, rinn Séamas Mac Giolla Choille an Dùn Dealgan, Co. Lùbhaidh, àireamh 73, agus Pól Ó Briain, Midheach, àireamh 72.

B’ ann ro 1825 a rinn Art Mac Bionaid ann an Co. Ard Mhacha àireamh 76, agus cha b’ fhada an dèidh sin a chuir e àireamh 90 ri chèile. Ach is ann an dèidh 1840 a rinn e na deich eisimpleirean eile aige de TRAA: dh’fhaodte gun robh an gnè marbh dha-rìribh goirid an dèidh 1825, nach robh a’ dealbhadh TRAA a-nise ach am Bionadach. Ach ged a bhiodh an TRAA a’ fàs lag, mhair e beò fhathast an taobh a deas Uladh an dèidh 1775, nuair nach do mhair ann an ceàrnaidh sam bith eile den tìr. Cò dhiubh an e dùil san t-seann saoghal Ghaidhealach no dòchas gum biodh latha eile fhathast aig an TRAA (mar a bha aig sonaid na Beurla an dèidh c.1750), bha Art fhathast an sàs anns an TRAA ann an 1852 (àireamhan 86 agus 87), agus cha ghabh bàs an TRAA a chur na b’ fhaide air ais na sin.

Cha do ghabh sinn san duanaire seo ri eisimpleir sam bith den TRAA a thàinig an dèidh àireamhan 8587, an fheadhainn mu dheireadh a rinn Art Mac Bionaid ann an 1852.


Ceòl agus TRAA

A thaobh ceòl a bhith a’ dol leis na TRAA (no leis an Amhran annta), cha d’ fhuair sinn fonn ciùil a bhuineadh o thùs do dh’fhear sam bith de na dàin a tha seo. Tha ceòl ri fhaighinn le àireamh 2, le àireamh 35 (Ó Baoill 1975: 47) agus le Amhran àireamh 95, ach chan ann o thùs a bhuineadh an ceòl do na dàin sin. Is e seòrsa bàrdachd a tha san TRAA, ar leinne, a sgrìobh luchd an fhoghlaim airson a leughadh, no a aithris, gun cheòl: nuair a bhios dà mheadrachd eadar-dhealaichte san aon dàn chan eil e furasta an aon fhonn a chur ris an dàn. Agus mas fhìor gur e bàrdachd gun cheòl a tha san TRAA, is dòcha nach ann am measg a’ mhòr-shluaigh gu bunasach a mhair na dàin seo, ach am measg an aos dàna agus an cuid làmh-sgrìobhainnean. Is tric a chante gu bheil a’ bheul-aithris Ghaidhealach fhèin foghlaimte, agus sin a’ chùis, gun teagamh, gu bheil fianais againn gun robh a’ bheul-aithris eòlach air dhà dhe na TRAA a tha seo, air àireamh 89 san 18mh linn agus air àireamh 40 san 20mh linn – ach chan eil fianais againn gun robh ceòl a’ dol le fear seach fear dhiubh.


Na Làmh-sgrìobhainnean

Tha an deasachadh seo de dhàin TRAA air a stèidheachadh air fad air na làmh-sgrìobhainnean san d’ fhuair sinn na dàin. Tha timcheall air 75% de na dàin seo air am foillseachadh mu thràth, ann an caochladh irisean, an cruinneachaidhean farsaing de bhàrdachd agus an leabhraichean de shaothair bhàrd air leth. Leag sinn a-mach liosta nan làmh-sgrìobhainnean an seo (fo Làmh-sgrìobhainnean) a rèir bliadhna (chinnteach no air a meas) an sgrìobhaidh. Thadhail sinn air a h-uile leabharlann an Èirinn agus sa Bhreatainn far an robh làmh-sgrìobhainnean Gàidhlig rim faicinn, a leughadh na feadhainn sa bheil TRAA. Thug ùghdarrasan mòran leabharlannan feadh na h-Èireann, feadh Bhreatainn agus feadh na Roinn Eòrpa a h-uile cuideachadh agus taic dhuinn, agus cead an cuid làmh-sgrìobhainnean a chur gu feum an seo: tha sinn fada nan comain.

Is inntinneach na rudan a dh’ionnsaich sinn nuair a bha sinn a’ dèanamh liosta nan làmh-sgrìobhainnean don t-saothair seo. Air an dàrna làimh, tha 28 de dhàin (às an 103) nach fhaighear ach ann an aon làmh-sgrìobhainn, agus 16 eile nach eil ach anns na dhà dhiubh. Air an làimh eile, tha 12 dhàn a gheibhear ann am barrachd air 12 làmh-sgrìobhainn. Dh’fhaodte na figearan seo a chleachdadh mar thomhas air tarraing (no neo-tharraing!) nan dàn air leth do na leughadairean. Ach feumar cuimhneachadh nach b’ iad sin mòr-shluagh na Gàidhlig ach luchd an fhoghlaim, aig an robh comas leughaidh agus sgrìobhaidh na Gàidhlig, buidheann a bha gu math beag.

B’ iad na sgrìobhaichean a chùm am foghlam beò, agus b’ iadsan ‘foillsichearan’ an stuth a bha anns na làmh-sgrìobhainnean ris an robh iad a’ dèiligeadh. Bhiodh iad an sàs gu riaghailteach ann an cultar nan làmh-sgrìobhainnean, gan ath-sgrìobhadh agus gan leughadh agus a’ dèanamh lethbhreacan dhiubh dhaibh fhèin no mar bhàidh do chàirdean a phàigheadh airson na h-obrach. A bharrachd air sin, bha coluadar leantainneach eadar iad agus an co-sgrìobhaichean, a’ cur làmh-sgrìobhainnean mun cuairt eatarra fhèin gus an cleachdadh mar acfhainnean gnàthaichte an ceàirde. Agus bha a h-uile sgrìobhaiche na bhall cuideachd da choluadar ionadail fhèin, iad uile a’ tuigsinn mhiannan agus bhlasan a chèile sa bhàrdachd, agus dh’fhaodamaid an gabhail mar uinneagan a-steach air a’ chultar dhìomhair, ‘Èirinn fo chleith’ nan làithean a dh’fhalbh, nuair a sholaraicheas iad TRAA dhuinn.

Ma chuimhnicheas duine air na puingean sin uile, is dòcha nach eil e na iongantas gu bheil an uimhir de bheàrnan ann an eachdraidh nan làmh-sgrìobhainnean a chuir sinn gu feum san t-saothair seo. Tha e na mhìorbhail gu bheil na 28 ud de làmh-sgrìobhainnean againn a shàbhail dhuinn, aon eisimpleir anns gach tè, TRAA nach eil ri fhaighinn idir an àite sam bith eile. Is e leabhar mìorbhaileach den t-seòrsa seo a tha ann an LS 82, a tha ann an Leabharlann Nàiseanta na h-Albann. Ge b’ e Albannach a sgrìobh i ann an 1776 no faisg air, bha e air bòrd luinge an Canada còmhla ri buidheann shaighdearan de Ghaidhil na h-Albann agus na h-Èireann, agus e a’ sgrìobhadh sìos sgeulachdan agus dhàn a chuala e uapa. Is ann don mhòr-shluagh a bhuineadh iad, gun teagamh, is iad a’ cuimhneachadh le gaol agus le cianalas air an dùthaich fhèin agus iad air a’ choigrich agus am baoghal am beatha. Agus thug Gaidheal air choreigin (à Tìr Chonaill, math dh’fhaodte) dha Trí Rainn agus Amhrán Easa Rua, Trì Rainn à dàn a rinn file cudromach Èireannach am meadhan na 13mh linn, agus ceathramh de dh’Amhran (a rinn e fhèin, is dòcha, no a fhuair e sa bheul-aithris); faic na Notaichean air àireamh 89.

Is e dearbhadh a tha seo, a dh’aindeoin na thuirt sinn shuas mun TRAA sa chumantas, gun robh daoine am measg a’ mhòr-shluaigh a bha eòlach air a’ ghnè agus a dh’aithnich fo ainm dìleas fhèin i. Chan eil dearbhadh againn nach e duine foghlaimte a thug àireamh 89 don sgrìobhaiche; ach cha mhotha a tha dearbhadh againn nach cumadh an Gaidheal coitcheanta rann den Dàn Dìreach, no fiù is TRAA, na chuimhne nan robh dùil aige san rann. An aghaidh gainnead nan TRAA à Tìr Chonaill (àireamhan 89 agus 90, sin uile), is e seòid a tha seo, àireamh 89 agus LS 82, a tha nan rabhadh dhuinn agus sinn ag iarraidh a bhith cho iomlan coileanta is a ghabhas a’ cruinneachadh nan dàn seo – oir lìonaidh roth an t-saoghail beàrnan nan linntean corra uair.


Bliadhna nan Dàn

Mu dheidhinn mòr-chuid nan dàn chan eil fhios againn cò rinn iad, agus fiù is nuair a bhios ainm a’ bhàird againn is ainneamh a ghabh bliadhna chruinn cur ris. Tha dàin ann a b’ urrainn dhuinn bliadhna chruinn a chur riutha air fianais mhath, leithid àireamhan 7 (1694), 21 (1724) agus 82 (1845). Ach mar as trice chan eil de dh’fhianais againn ach bliadhna sgrìobhaidh na làmh-sgrìobhainn sa bheil an dàn, agus is tric nach bi a’ bhliadhna sin fhèin cinnteach. Leis na dàin as tràithe (is dòcha) againn, an fheadhainn (àireamhan 14) nach eil ach ann an LS 2, san deach an sgrìobhadh ann an 1681 (is dòcha), chan urrainn dhuinn dha-rìribh bliadhna cheart a chur riutha ach ‘ro 1682’. A-rithist, le àireamhan 48, 53 agus 88, nach d’ fhuair sinn ann an làmh-sgrìobhainn a bu tràithe na LS 30 (1745), cha ghabh bliadhna toirt orra ach ‘ro 1746’.

San leabhar a dh’fhoillsich sinn ann an 1996, Trí Rainn agus Amhrán: Cnuasach Filíochta (CF), chuir sinn a-steach (dd. 119–122) liosta le bliadhna fa chomhair gach dàin. Ach a dh’aindeoin an rabhaidh a thug sinn seachad aig an toiseach, gun robh mòran de na bliadhnachan sin neo-chruinn a chionn is nach robh stèidh fòpa ach bliadhna nan làmh-sgrìobhainnean, tha sinn a’ smaoineachadh gum b’ fheàirrde an duanaire seo gun liosta idir den t-seòrsa sin, air eagal is gun toireadh e droch threòrachadh don leughadair mu mheud na fianais a tha againn.

San deasachadh seo, ma-thà, gheibhear fios agus fianais air bliadhna nan dàn sna Notaichean air na dàin fhèin. Nuair nach eil fianais mhath againn do dhàn, tha bliadhna na làmh-sgrìobhainne as tràithe ga toirt seachad ann an liosta nan làmh-sgrìobhainnean a tha fon cheangal ‘Tobraichean’ a tha còmhla ris na dàin fhèin.


Dòigh Deasachaidh

San liosta fo Làmh-sgrìobhainnean chuir sinn àireamh, a rèir bliadhna, ris gach làmh-sgrìobhainn a chuir sinn gu feum: tha na h-àireamhan sin ann an clò trom nuair a tha iomradh orra, gu h-àraidh san Ro-ràdh seo agus sna Notaichean. Fon cheangal ‘Tobraichean’ a tha còmhla ris na dàin fhèin, tha liosta de na làmh-sgrìobhainnean sa bheil teags den dàn, agus àireamhan nan duilleagan; tha an liosta seo a rèir aois nan làmh-sgrìobhainnean, agus an teags againne stèidhichte air a’ chiad tè, an tè as sine. Ach tha feadhainn ann far nach amhlaidh a bhitheas: nuair a bhios teags againn a sgrìobh am bàrd fhèin (Seán Ó Neachtain no Art Mac Bionaid) ann an dà làmh-sgrìobhainn, lean sinn an dara leughadh mar as trice, a’ tuigsinn gun robh am bàrd fhèin a’ cur snas air a chuid obrach (sin mar a tha àireamhan 19, 20, 76, 82, mar eisimpleir).

Tha sinn ag obair le barrachd air ceud gu leth de làmh-sgrìobhainnean, far an cleachdar caochladh dhualchainntean a’ chànain eadar meadhan na 17mh linn agus meadhan na 19mh linn; ach shocraich sinn air na dàin fhoillseachadh ann an Gàidhlig (na h-Èireann) an latha an-diugh, agus le litreachadh a’ Chaighdeáin Oifigiúil (molaidhean oifigeil riaghaltas na h-Èireann) mar a tha e ga chur gu feum ann am Foclóir GaeilgeBéarla deas. Niall Ó Dónaill; agus chleachd sinn cuideachd na litreachaidhean eadar-dhealaichte a tha ceadaichte san fhaclair sin. Tha sinn fada an comain Sheán Mac Mathúna, Baile Àtha Cliath, airson na rinn e dhuinn, a’ ceartachadh droch ghràmar agus droch litreachadh. Cho fada is a ghabh e dèanamh, lean sinn litreachadh traidiseanta Gàidhlig na h-Èireann no dualchainnt Uladh sna dàin fhèin, gus meadrachd an dàin agus teags na làmh-sgrìobhainn a leantainn gu dìleas. Is e faclair glè fhreagarrach a tha ann am Faclair Ó Dónaill, agus fhuair sinn rèiteach cèille don uile facal (no faisg air) ann; ach àite sam bith nach lean sinn litreachadh a’ Chaighdeáin gheibhear fios agus deasbad mun fhacal sna Notaichean air an dàn.

Fon cheangal ‘Leughaidhean’ a tha còmhla ris na dàin, gheibhear faclan no sreathan às na bun-làmh-sgrìobhainnean, a rèir òrdugh sreathan an dàin; tha seo againn nuair a shaoil sinn gum biodh cus eadar-dhealachaidh eadar an Caighdeán agus teags na làmh-sgrìobhainn.

Fon cheangal ‘Notaichean’ a tha còmhla ris na dàin, leag sinn fiosrachadh a-mach air an aon phàtran: fios coitcheann mun dàn agus mu na làmh-sgrìobhainnean; fios leathan (eachdraidh agus eile) a bhuineas ris an dàn; agus an sin mion-phuingean (a rèir àirmheachadh nan sreathan) mun teags, litreachadh agus eile. Ma bhios dà theags de dhàn ann, agus gun iad a bhith faisg air a chèile, is ann sna Notaichean a dh’fhoillsicheas sinn ath-sgrìobhadh den fhear eile.