Trí Rainn agus Amhrán
Uimh.
Meadaracht
Filí
Céadlínte
Ainmneacha
Lámhscríbhinní
Uimh.
Leabhair agus Ailt

103. DO CHLANN NAN GAIDHEAL











le Coinneach MacCoinnich
Dàn a’ bhàird as ùr làmh

Bha ceithir bliadhna is fichead na thàmh;

Thug feartan fhir nan àrd-bheann

Srad-chuisle da cheòlraidh gu rann.
Deagh ghean a’ bhàird gu binn

Do chomann clann nam mòr-bheinn,

Fileanta deas-labhrach grinn

Ag aithris Gàidhlig as feàrr loinn.
Spèiseil gnìomh nan sàr mhac

A dh’altraim Gàidhlig de dheagh-bheachd:

Cainnt ar sinnsreadh bu mhòr tlachd

Gabhaidh fo sgiath ar mòr-neart.
Dìon o nàmhaid do chainnt, a chlann mo rùin;

Cùm gach facal dhith sàbhailt mar bhall sùil;

Spèis is urram da càirdean, taing is cliù,

Is o ceud-ghin, am bàrd, fàilte is mùirn.