Mith-Sgeòil is Sìth-Eòlas
1. Ridire nam Beann ’s nan Gleann ’s nam Bealach
1.1 Bha ann roimhe seo ridire
f. Sna Meadhan-Aoisean, ’s e bh’ ann an ridire fear aig an robh àrd-inbhe a bhiodh a’ sabaid ann an deise-airm air muin eich air sheirbheis uachdarain.
beartach ris an abradh daoine
= ‘ris an canadh daoine’.
Ridire nam Beann
Tha nam Beann (à beinn b.) ⁊c uile san tuiseal ghinideach iolra.
’s nan Gleann ’s nam Bealach. Mu choinneimh caisteal an ridire seo, bha tulach bòidheach uaine om faiceadh e,
< o + am faiceadh e ‘bhom faiceadh e’.
nuair a sheasadh e air a mhullach, gach bò is each is ceithir-chasach a bh’ aige.
1.2 Air latha grianach brèagha, chaidh e suas air an tulach seo agus nuair a sheall e ma thimcheall cha robh beathach beò a bhuineadh dha ri fhaicinn.
< ‘ri a fhaicinn’. Aontaichidh an riochdair a an seo ri beathach f. (ged a tha dualchainntean ann a chleachdas a + sèimheachadh ge be cò ris an aontaich an riochdair).
Sheas e tacain far an robh e, a’ smuainteachadh ciod
San tùs, cleachdar ciod e no ciod gu tric far an cualas gu dè no dè mar as trice an-diugh.
a thàinig riutha no càit an rachadh e gan sireadh. Am meadhan a smuainteachaidh thug e sùil sìos gu bun an tulaich agus ciod a chunnaic e na sheasamh an sin ach an Gadhar Cluas-dhearg
buadh. ‘air a bheil cluasan dearga’. Tha am prìomh bheum air cluas agus tha dearg air a shèimheachadh mar an dàrna h‑eileamaid ann am fillteach dùinte.
Bàn.
1.3 ‘Gu dè
Is ionann gu dè agus dè; faic bn 6, shuas.
fàth do sprochd an-diugh, a Ridire nan Gleann ’s nam Beann ’s nam Bealach?’ ars an Gadhar Cluas-dhearg Bàn.
1.4 ‘Is mòr sin is cha bheag,’
Is ionann is mòr sin agus cha bheag sin, agus an dùblachadh a’ sìneadh bròn an ridire mar gum b’ eadh.
fhreagair an ridire. ‘Tha gach beathach a bh’ agam san t‑saoghal air chall, is gun fhios agam càit an deachaidh iad.’
1.5 ‘Ma bheir thu dhòmhsa tè ded nigheanaibh
‘nigheanan’, an sean chruth tabhartach iolra aig nighean b.
ri pòsadh, bheir mise air ais iad uile dhuit ann an tiota,’ ars an Gadhar Cluas-dhearg Bàn. Thubhairt an ridire gun tugadh nam biodh i fèin toileach a ghabhail, agus dh’fhalbh iad le chèile a dh’ionnsaigh a’ chaisteil.
1.6 Cho luath ’s a chaidh iad a-staigh
Cleachdar a-stigh san tùs an dà chuid airson a-staigh (gun ghluasad) agus a-steach (le gluasad).
chuir an ridire fios air a nighinn
An tuiseal tabhartach aig nighean b. Cleachdar nighean san tùs.
a bu shine, agus nuair a thàinig i labhair e rithe am briathraibh
‘ann am facail’. Tha briathraibh na shean chruth tabhartach iolra aig briathar f.
brìodalach ciùin feuch am pòsadh i an Gadhar Cluas-dhearg Bàn. An ise a phòsadh an cù breac! Cha dèanadh i a leithid airson an t-saoghail. Agus gun fhacal tuilleadh a ràdh dh’fhalbh i a-mach fo dhiomb mòr gun do chuireadh tairgse cho tàmailteach ma coinneimh.
1.7 Chuir e fios na dèidh-se
’S e ’na déidh-sa a th’ anns an tùs.
air an tè mheadhanaich. Ach cho luath ’s a thàinig i a-staigh agus a chuala i an gnothach a bha aige rithe thionndaidh i air a sàil agus sheòl i a-mach gun uimhir agus
.i. gun a uimhir agus; le uimhir b. ‘an aon mheud, uiread’: ‘gun an aon mheud ri, gun fiù agus’.
freagradh a thoirt dha.
1.8 An sin thàinig an tè a b’ òige a-staigh, agus nuair a chuala i an t‑adhbhar mun do chuireadh fios oirre thuirt i ri h‑athair, ‘Pòsaidh mise e air chùmhnant gun toir
‘air chùmhnant ’s gun toir’.
e bhur cuid fèin air ais dhuibhse.’
1.9 Gun dàil na b’ fhaide ghairmeadh daoine
‘chaidh daoine a ghairm’.
a dh’ionnsaigh na bainnse agus air an oidhche sin fèin phòsadh nighean òg an ridire ris a’ Ghadhar Chluas-dhearg Bhàn.
1.10 Moch an ath latha chaidh an ridire a-mach gu mullach an tulaich uaine mu choinneimh a’ chaisteil agus, air dha sealltainn ma thimcheall, chunnaic e gach beathach a bhuineadh dha ag ionaltradh far am faca e mu dheireadh iad. Phill
‘thill’; coim. GT filliḋ agus tilliḋ ‘tillidh e’).
e a-staigh le gàirdeachas agus cò choinnich e
‘cò ris na choinnich e’.
san doras ach an t-aon duine
Cleachdar an aon duine san tùs.
a b’ eireachdail a chunnaic e a-riamh. B’ e seo Gadhar Cluas-dhearg Bàn na h‑oidhche roimhe, air fhuasgladh o na geisibh
.i. geasaibh tabh. iol. ‘geasan’.
fon robh e agus air aiseag gu a chruth nàdarra fèin a chionn gun do phòs nighean òg an ridire e le a toil fèin. Chaidh iad a-staigh le chèile, agus nuair a chunnaic dà nighinn eile an ridire an duine brèagha a bha aig am piuthar bha iad duilich nach do phòs iad fèin e.
1.11 Dh’fhuirich an duine òg agus a bhean beagan làithean na b’ fhaide maille ris an ridire agus an sin dh’fhalbh iad a dh’ionnsaigh an àite aigesan, caisteal mòr brèagha, far an robh iad cho sona sòlasach ’s a bha an latha fada. Ach aig ceann latha is bliadhna rinn ise deas airson dol
‘airson a dhol’. Tha an roimhear a a nochdas gu tric an-diugh leis an ainmear-ghnìomhaireach dol mar seo neo-eachraidheil agus mar thoradh, is iongantach, air co-rèiteachadh ri a bhith.
gu taigh a h‑athar, far an robh i a’ cur roimhpe fuireachd gus am bitheadh
‘biodh’. Is e biodh an cruth lag-bheumte aon-lideach aig bitheadh, tràth measgaichte a’ ghnìomhair BI.
i air a h‑asaid.
‘gus am biodh i air an leanabh aice a bhreith’, leis an ainmear asaid b. ‘breith leanaibh’.
Mun d’ fhalbh i, thubhairt
‘thuirt’. Is e thuirt an cruth lag-bheumte aon-lideach aig thubhairt, tràth caithte a’ ghnìomhair ABAIR.
an duine aice rithe gun i dh’innseadh do neach fon ghrèin c’ainm a bha airsan oir nan innseadh nach faiceadh
‘nach fhaiceadh’. Thèid f- a shèimheachadh le nach mar as trice an-diugh.
i tuilleadh e. Gheall i nach innseadh agus thug i an rathad oirre.
1.12 Ràinig i taigh a h‑athar gu tèarainnte, agus cha robh i ach goirid an sin nuair a dh’asaideadh i.
1.13 Trì oidhchean an dèidh a h‑asaid thàinig ceòl sìthe mu thimcheall an taighe, leis an do chuireadh an luchd-faire nan cadal, agus an sin thàinig cròg mhòr a-steach fon àrd-doras, a sgrìob leatha an leanabh agus a dh’fhàg aran agus searrag fhìona an ceann na leapa.
1.14 Nuair a bha an t-àm dhi pilleadh dhachaigh am fagas, rinn a peathraichean oirrese uimhir ’s a b’ urrainn iad
Is e a b’ urrainn dhaibh as trice a chluinnear an-diugh.
feuch an innseadh i dhaibh ainm an duine aice. Ach chuimhnich i air a gealladh agus cha d’ innis i e. An sin thàinig an duine fèin agus thug e leis i na charbad.
1.15 An ceann là is bliadhna eile, thàinig i a-rithist gu taigh a h‑athar gu bhith air a h‑asaid, agus thachair gach nì dhi mar air a’ chiad uair.
1.16
Thàinig i an treas uair gu taigh a h‑athar. Ach mun d’ fhàg i a taigh fèin thug an duine aice òrdugh teann dhi gun i dh’innseadh ainm-san do dhuine beò. Gheall i nach innseadh, ach bhagair a peathraichean gun loisgeadh iad i nan cleitheadh i orrasan e na b’ fhaide, agus chuir iad i na leithid a dh’eagal ’s gun d’ aidich i mu dheireadh gum b’ e Samhradh-ri-Dealt
‘samhradh agus an dealt ann’.
a bh’ air.
1.17 Air an treas oidhche an dèidh a h‑asaid, thàinig an ceòl mu thimcheall an taighe agus, am feadh a bha
‘am feadh ’s a bha’.
an luchd-faire nan cadal, thug a’ chròg leatha an leanabh. Ach, air an uair seo, cha d’ fhàg i aon chuid aran no fìon, agus cha tàinig an duine mar a b’ àbhaist dha ga tabhairt
b. ‘toirt’. Is e cruth aon-lideach aig tabhairt a th’ ann an toirt.
dachaigh. Le seo, dh’aithnich i gun do rinn i an eucoir ainm an duine aice innseadh da peathraichean.
1.18
Cho luath ’s a b’ urrainn i gluasad, thog i oirre dhachaigh. Ach, nuair a ràinig i, cha d’ fhuair i creutair mu thimcheall a’ chaisteil. Thuig i mar a bha agus, gun tuilleadh dàil,
.i. ‘gun tuilleadh dàlach’.
dh’fhalbh i an dèidh an duine aice air a’ cheart rathad a ghabh e fhèin. Shiubhail i air a h‑aghaidh fad an latha, gus an robh dubhadh air a buinn agus tolladh air a brògan, na h‑eòin bheaga bhuchallach bhachlach bharra-bhuidhe
Leis na buadhairean buchallach ‘binn, fonnmhor’, bachlach ‘iteagach; air a bheil na h-iteagan air an sèideadh’, barra-bhuidhe ‘air a bheil bàrr buidhe’. Gu ìre is i an uaim bh bh bh bh seach ceart chiall nam facal as cudromaiche an seo.
a’ gabhail mu thàmh am bun nam preas agus am bàrr nan dos, agus easagan lughach laghach
Tha lughach na eugsamhail de laghach ‘brèagha, bòidheach; grinn, cuimir, sgiobalta’. A-rithist is e an uaim as cudromaiche an seo.
a’ taghadh àite mar a b’ fheàrr a dh’fhaodadh iad dhaibh fèin, ged nach robh ise, nighean Ridire nam Beann ’s nan Gleann ’s nam Bealach. An sin thug i sùil roimhpe agus chunnaic i taigh beag solais fada uaipe ach, ma b’ fhada bhuaipe e,
Nochdaidh uaipe agus bhuaipe, an treas pearsa sing. boir. aig an roimhear o/bho mar seo san aon rosgrann san tùs.
cha b’ fhada dhise ga ruigheachd.
1.19
Bha an doras fosgailte agus gealbhan math air meadhan an ùrlair. Chaidh i a-steach agus thubhairt bean-an-taighe, is i na suidhe aig ceann shuas an teine,
Gu dualchasach, bhiodh taighean-dubha nan laighe air leathad agus an teine eadar àite nan daoine ann an ceann shuas agus àite nam beathaichean ann an ceann shìos an taighe.
1.20 ‘Thig a-nìos,
‘thig a-nuas; thig suas’. Tha a-nìos ‘a’ dol suas bho bhith shìos’ air a dhol na a-nuas mar as trice an-diugh.
a bhean bhochd! ’S e do bheatha fuireachd an seo a-nochd. Bha an duine agad an seo a-raoir, e fhèin ’s a thriùir chloinne. Sin agad ubhal a dh’fhàg e agamsa air do shon.’ Ghabh i aig a’ bhana-choigreach
‘fhritheil i a’ bhana-choigreach, choimhead i an dèidh na bana-choigrich’.
gu math agus gu ro mhath.
.i. ‘glè mhath’. Tha ath-aithris na feart bitheanta ann an stoidhle na sgeulachd beul-aithrise, air adhbharan sìnidh no teannachd.
Chuir i uisge teth air a casan agus leaba bhog fo leisean agus, anns a’ mhadainn, nuair a chuir i air ceann na slighe i agus a bha i a’ fàgail beannachd aice, shìn i dhi siosar agus thubhairt i,
1.21 ‘Sin agad siosar agus, nuair a ghearras tu a’ chiad bheum leis, leigidh tu às e, agus na dhèidh sin gearraidh e leis fhèin an t-aodach anns a’ chumadh as àill leat a thoirt dha.’
1.22 Thionn’ i air falbh agus shiubhail i air a h‑aghaidh fad an là gus an robh dubhadh air a bonnaibh agus tolladh air a brògan, na h‑eòin bheaga bhuchallach bhachlach bharra-bhuidhe a’ gabhail mu thàmh am bun nam preas agus am bàrr nan dos, agus na h‑easagan lughach laghach a’ taghadh àite mar a b’ fheàrr a dh’fhaodadh iad dhaibh fèin, ged nach robh ise, nighean Ridire nam Beann ’s nan Gleann ’s nam Bealach. Aig beul na h‑oidhche, thug i sùil roimhpe agus chunnaic i taigh beag solais fada bhuaipe ach, ma b’ fhada bhuaipe e, cha b’ fhada dhise ga ruigheachd.
1.23 Bha an doras fosgailte agus teine math air meadhan an ùrlair. Chaidh i a-staigh agus thubhairt bean an taighe, is i na suidhe aig ceann shuas an teine,
1.24 ‘Thig a-nìos, a bhean bhochd. Is e do bheatha an seo an nochd. Bha an duine agad ann a-raoir, e fèin agus a thriùir chloinne.’ Fhuair i gabhail aice gu math le bean an taighe. Chuir i uisge teth air a casaibh
An sean chruth tabhartach iolra aig cas b.
agus leaba bhog fo leisibh
An sean chruth tabhartach iolra aig leis b. ‘sliasaid’; coim. leisean iol. (1.20).
agus, nuair a bha i a’ falbh sa mhadainn, shìn i dhi meuran agus thubhairt i,
1.25 ‘Sin agad meuran agus, cho luath is a chuireas tu aon ghreim leis, leigidh tu às e, agus obraichidh e leis fèin tuilleadh.’
1.26
Thionn’ i air falbh agus chùm i air a turas le ceum math, gus am faca i uaireigin air feadh an là an duine aice agus a chlann air thoiseach oirre. An sin chruadhaich i a ceum agus shìn i às nan dèidh le h‑uile neart. Sheall esan na dhèidh agus, nuair a chunnaic e i a’ tighinn, luathaich e fèin agus na bha maille ris an ceum ach, ged a luathaich, bha ise a’ buidhinn orra. Cha robh fios aige ciamar a bheireadh e e fèin às oirre, gus am faca e ceàrdach air thoiseach air. Rinn e dìreach air a’ cheàrdaich agus, anns an dol seachad, dh’iarr e air na goibhnean maille a chur air a’ bhoireannach a bha a’ tighinn na dhèidh. Fhreagair iad gun dèanadh iad sin agus, nuair a ràinig ise iad, rug iad oirre agus chuir iad cearcall
Cearcall iarainn, thathas an dùil.
cho teann ma meadhan is gum b’ ann air èiginn a b’ urrainn dhi ceum a thabhairt. Ach, air a shon sin, cho luath ’s a fhuair i às, dh’fhalbh i a-rithist, mar a b’ fheàrr a dh’fhaodadh i, gus an d’ ràinig i uchdan cas na slighe. A’ dìreadh an uchdain seo le spàirn chruaidh, sgàin an cearcall, agus thuirt i,
1.27 ‘Ged a sgàin mo chrios, cha do sgàin mo chridhe.’ Dh’fhalbh i an sin le deann agus chùm i air siubhal gus an robh dubhadh air a buinn agus tolladh air a brògan, na h-eòin bheaga bhuchallach bhachlach bharra-bhuidhe a’ gabhail mu thàmh am bun nam preas agus am bàrr nan dos, agus na h-easagan lughach laghach a’ taghadh an àite a b’ fheàrr a dh’fhaodadh iad dhaibh fèin, ged nach robh ise, nighean Ridire nan Gleann ’s nam Beann ’s nam Bealach. Chunnaic i mu dheireadh taigh beag solais fada bhuaipe ach, ma b’ fhada bhuaipe e, cha b’ fhada dhise ga ruigheachd.
1.28 Chaidh i a-stigh agus thubhairt bean-an-taighe rithe,
1.29 ‘Ò, an tàinig thu, nighean an Ridire? ’S e do bheatha an seo a-nochd. Bha an duine agad an seo a-raoir, e fèin agus a chlann, agus dh’fhalbh iad moch sa mhadainn.’ Fhuair i gabhail aice gu math le bean-an-taighe. Chuir i uisge teth air a casaibh agus leaba bhog fo leisibh. Agus, nuair a bha i a’ falbh anns a’ mhadainn, thuirt i, is i a’ sìneadh snàthad
Is e snàthaid a th’ anns an tùs, .i. le tuiseal ginideach an ainmeir mar a b’ àbhaist le ainmear neo-dheimhinnte an dèidh ainmeir ghnìomhairich.
dhi,
1.30 ’Sin agad snàthad agus, nuair a nì thu aon ghreim leatha, leigidh tu às i agus fuaighidh i an sin leatha fhèin.’
1.31 Dh’fhalbh i aon uair eile air a turas agus chùm i air aghaidh gus an tàinig i air coltas àite duin’-uasail. Chunnaic i taigh beag roimhpe agus rinn i dìreach air. Ciod a bha an seo ach taigh cailleach-chearc an duin’-uasail. Chaidh i a-stigh agus fhuair i cead fuireachd.
1.32
Cha robh i ach goirid an sin nuair a thug i fa-near gun robh gluasad mòr am measg muinntir a’ bhaile. Dh’fheòraich i de chailleach nan cearc ciod a b’ adhbhar don ghluasad, agus dh’innis a’ chailleach dhi gun robh am fear leis an robh an t‑àite a’ tighinn dachaigh agus a’ dol a phòsadh an oidhche sin. Smuainich i car tiota ach, ciod air bith umhail
‘ge be dè an umhail a chuir i’.
a chuir i, ghlèidh i a beachd dhi fèin. Fhuair i an siosar, am meuran agus an t-snàthad agus chuir i air shiubhal iad. An ùine ghoirid, cha robh duine mu thimcheall an àite nach tàinig a dh’fhaicinn nan rudan iongantach a bh’ aig a’ bhean an taigh cailleach nan cearc.
1.33 Am measg chàich, thàinig a’ chàraid ùr-phòsta agus, nuair a chunnaic a’ bhean òg an acfhainn fhuaigheil a’ falbh leò fèin, cha dèanadh nì feum leatha ach am faotainn dhi fèin.
1.34 Faodar an còrr innseadh am beagan bhriathar. Fhuair a’ bhean òg an acfhainn fhuaigheil air chùmhnant gun leigeadh i leis a’ bhana-choigreach faire a dhèanamh trì oidhcheannan an dèidh a chèile an seòmar an duine aice. Ach thug i an aire deoch fhàgail aige a chuir e an cadal cho trom ’s nach cuala e smid a thubhairt a’ bhana-choigreach ris fad dà oidhche. Air an treas oidhche, air don ghiolla a bu shine aithneachadh ro-làimh gum b’ i a mhàthair a bh’ anns a’ bhana-choigreach, dhòirt e an deoch-chadail agus lìon e an cupan le stuth eile. Dh’fhuirich athair na fhaireachadh agus chuala e a’ bhana-choigreach ag ràdh,
1.35 ‘A Shamhraidh-ri-Dealt, nach truagh leat mi ’s gun d’ shiubhail mi an saoghal ad dhèidh?’ Air ball dh’aithnich e cò bh’ aige. Chaidh banais mhòr fhialaidh aighearach a dhèanamh, agus fhuair a’ bhean òg, a bha, cead fuireachd le a siosar, a meuran agus a snàthaid.
1.36
Agus nuair a bha a’ bhanais seachad chuir iad mise dhachaigh le brògan beaga pàipeir air cabhsair ghloinneachan
An tuiseal tabhartach iolra neo-dheimhinnte aig gloinne b. ‘glainne’.
.
*